|
Cearcall Mun Ghealaich Lyrics - Artist : Fowlis, Julie
The year of the big storm
I saw a circle about the moon And the stooks of barley streamed to the sea My father, my sister and I stood Watching the work of our hands rush from sight Bliadhna mhòr na stoirme Chunnaic mi cearcall mun ghealaich 'S dh'fhalbh na h-adagan eòrna Nan sruth sìos chun a' chladaich Is cheas sinn nar triùir ann Mi fhèin, mo phiuthar is m' athair A' faicinn obair ar làimhe Na deann-ruith à sealladh Is chunnaic mi uair eile Cearcall mun ghealaich Aig deireadh samhraidh sgiamhach Chaidh gaol às mo shealladh Bu riaslach an tìm ud Gu 'n tàinig leigheas an earraich Ach thàinig le tìde Àm grianach gum aire Ach a-nis, aig deireadh samhraidh Chì mi cearcall mun ghealaich Is tusa a' falbh bhuam Gu baile an Sasainn 'S mo chridhe cho sgaoilte Na raon mòr fada farsaing Gun adagan ar gaoil ann Fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich 'S ma dh'fhalbhas tu Cha till grian bhrèagha an earraich |
Other Lyrics
|
Copyright © 2009-2024 |