|
An Eala Bhàn Lyrics - Artist : Fowlis, Julie
Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sàs aig bròn Bhon an uair a dh'fhàg mi Beanntan àrd a'cheò Gleanntannan a'mhànrain Nan loch, nam bàgh, 's nan stròm 'S an eala bhàn 'tha tamh ann Gach là air 'm bheil mi'n tòir A Mhagaidh na bi tùrsach A rùin, ged gheibhinn bàs Cò am fear am measg an t-sluaigh A mhaireas buan gu bràth? Chan eil sinn uileadh ach air chuairt Mar dhìthein buaile fàs Bheir siantannan na bhliadhna sìos 'S nach tog a'ghrian an àird Air m'uilinn anns na truinnseachan Tha m'inntinn ort, a ghràidh Nam chadal bidh mi 'bruadar ort Cha dualach dhomh bhith slàn Tha m'aigne air a lìonadh Le cianalas cho làn 'S a ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm A-nis air thuar bhith bàn Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh O'n bhlàr gu'n till mi beò Is gu'm faic mi'n t-àite 'S an deachaidh m'àrach òg Bidh sinne 's crathadh làmh againn Is bilean blàth toirt phòg 'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut Le fàinne chur mu d'mheòir Ach ma thig an t-àm Is anns an Fhraing gu'm faigh mi bàs 'S an uaigh gu'n tèid mo shineadh Far éil na mìltean chàch Mo bheannachd leis a'ghruagaich A'chaileag uasal bhàn Gach latha a dh'fhalbh gun uallach dhi Gun nàire gruaidh na dhàil Oidhche mhath leat fhéin, a rùin Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth Cadal sàmhach air a chùl Do dhùsgadh sunndach slàn Tha mise 'seo 'san truinnsidh fhuair Nam chluaisean fuaim a bhàis Gun dùil ri faighinn às le buaidh Tha'n cuan cho buan ri shnàmh |
Other Lyrics
|
Copyright © 2009-2024 |