Lyrics Labs
Puirt-A-Beul Set Lyrics - Artist : Fowlis, Julie
[’S Toigh Leam Fhìn Buntàta ’s Ìm]
’S toigh leam fhìn buntàta ’s ìm,
’S toigh leam fhìn na caileagan,
’S toigh leam fhìn buntàta ’s ìm
Is nìghneagan a bhaile seo.

[I’m Fond of Potatoes and Butter]
I’m fond of potatoes and butter,
I’m fond of the ladies,
I’m fond of potatoes and butter
and the girls of this village.

[Tha Fionnlagh ag Innearadh]
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh ’s a mhàthair
A’ ràcadh na h-innearach.

Theab Màiri a mharbhadh,
A mharbhadh, a mharbhadh,
Theab Màiri a mharbhadh
Fon an eallach arbhair. [x2]

Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh le bhriogais odhar
A’cur fodh’ na h‑innearach.

[Finlay is Spreading Manure]
Finlay is spreading manure
Finlay is spreading manure
Finlay and his mother
are raking the manure.

Mary nearly killed him,
killed him,
killed him,
Mary nearly killed him
with the load of corn.

Finlay is spreading manure,
Finlay is spreading manure,
Finlay with his dun-coloured trousers
is digging in the manure.

[Hùg Oiridh Hiridh Hairidh]
Hùg oiridh hiridh hairidh,
Hùg oiridh Maireabhal,
Hùg oiridh hiridh hairidh,
’S buaidheach na taighean ann.

’S brèagha na taighean sglèat,
’S brèagha na glainneachan,
’S brèagha na taighean sglèat
Thog iad ann am Maireabhal.

Dh’fhaighneachd mi ’m faighinn dram:
Theann iad ri fanaid orm ‑
“Seinnse san taigh ud thall,
’S cabhraich an crannachain.”

Nìghneagan air an tràigh:
Bràighdeanan iomairt orra;
Nìghneagan air an tràigh:
Plàtaichean murain orra.

[Hùg Oiridh Hiridh Hairidh]
Hug oiridh hiridh hairidh
Hug oiridh, Maireabhal,
Hug oiridh hiridh hairidh
Bonnie are the houses there.

Beautiful the slate-roofed houses,
Beautiful the glass windows,
Beautiful the slate-roofed houses
They built in Maireabhal.

I asked if I could have a dram
They began to mock me -
“A hostelry in yonder house
and froth on churns”

Girls on the beach:
Wearing striped shawls;
Girls on the beach:
Wearing plaids of bent-grass.

Copyright © 2009-2024
Privacy policy - DMCA Policy - Contact Us